Naidheachdan 11:00m

Leas-Cheannardas nan Làbarach

Tha triùir bhoireannach air an ainm a chur air adhart airson a bhith nan Leas-Cheannard air a' Phàrtaidh Làbarach. Dh'innis a' Bh-Ua. Emily Thornberry gun seas ise. Ged a bha i na ball de chaibineat dùbhlannach Jeremy Corbyn, cha d' fhuair i dreuchd ann an riaghaltas Sir Keir Starmer 's tha i an-dràsta na cathraiche air Comataidh Chùisean Cèine Thaigh nan Cumantan. Tha Rùnaire an Fhoghlaim ann an Sasainn, Bridget Phillipson, cuideachd air innse gun seas i, agus thèid am ball-pàrlamaid Bell Ribeiro-Addy air adhart.

Uisge-Beatha

Tha am Prìomh Mhinistear John Swinney anns na Stàitean Aonaichte far am feuch e ri lùghdachadh fhaighinn air taraifean an uisge-bheatha. Chuir Aimeireaga taraifean 10% air stuth de gach seòrsa à Breatainn nuair a rinneadh an t-aonta malairt eadar an dà dhùthaich bho chionn ghoirid. Tha Comann an Uisge-Bheatha air a bhith a' tagradh airson cìs an uisge-bheatha Albannaich ìsleachadh seach gu bheil e cho sònraichte, agus air sgàth 's cho cudromach 's a tha margaidh Aimeireaga dhaibh.

Gàsa

Thug arm Israel òrdugh dhan a h-uile duine ann am Baile Ghàsa teicheadh 's dùil ri ionnsaighean ùra Israelach anns an sgìre. Nochd dealbhan de bhileagan pàipeir leis an rabhadh sgrìobhte orra a' tighinn a-nuas às an adhar. Thathas a' dèanamh dheth gu bheil millean duine fhathast ann am Baile Ghàsa.

Jeffrey Epstein

Chaidh an Taigh Geal às àicheadh gur e Dòmhnall Trump a sgrìobh litir dhraosta le ainm oirre a chuireadh chun an eucoirich feise Jeffrey Epstein. Dh'fhoillsicheadh an litir am measg phàipearan a chuir comataidh rannsachaidh ann an Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte a-mach.

Taigheadas

Tha suirbhidh ga dhèanamh mu fheumalachdan taigheadais air taobh siar Leòdhais. Iarraidh Urras Oighreachd Chàrlabhaigh agus Tighean Innse Gall beachd dhaoine air na tha a dhìth anns an sgìre. A rèir an Urrais feumar coimhead ri dòighean ùra air dachaigh fhaighinn do dhaoine leithid seann taighean-croite a tha falamh a chur air dòigh.