Naidheachdan 11:00m
Gàsa
Thuirt an t-ùghdarras slàinte ann an Gàsa, a tha fo riaghladh Hamas, gun deach 27 duine air a' char as lugha a mharbhadh aig ionad-cobhair ann an ceann a deas na sgìre. Thuirt arm Israel gun do loisg na saighdearan aca air buidheann nach do lean an t-slighe a chaidh iarraidh orra agus nach tug feart air rabhadh.
Madeleine McCann
Thòisich rannsachadh às ùr ann am Portagal ann an cùis Madeline McCann a bha trì bliadhna de dh'aois nuair a chaidh i a dhìth an sin ann an 2007. Tha poilis às a' Ghearmailt os cionn an rannsachaidh agus iadsan gu mòr an amharas fear Christian Brueckner a th' anns a' phrìosan anns a' Ghearmailt.
Neo-eisimeileachd
Thuirt Sir Keir Starmer nach eil e a' toirt prìomhachais do referendum eile air neo-eisimeileachd na h-Alba a dh'aindeoin na thachras aig taghadh Holyrood an ath-bhliadhna. Thuirt e nach robh guth air referendum sna còmhraidhean aigesan ri Prìomh Mhinistear na h-Alba John Swinney, agus gur ann air gnothaichean eile mar obraichean, cumhachd, tèarainteachd agus cosgais bith-beò as motha a bhruidhinn iad.
An Òlaind
Tha dùil ri taghaidhean anns an Òlaind an dèidh do cheannard na fìor làimhe deise, Geert Wilders, a phàrtaidh a tharraing às a' cho-bhanntachd riaghlaidh. Tha Mgr Wilders mì-thoilichte mu cho slaodach 's a tha poileasaidh inimreachais nas cruaidhe ris an do ghabh a' cho-bhanntachd bho chionn dà bhliadhna.
Tidsearan
Tha aonadh nan tidsearan, an EIS, ag ràdh gur e uallach na h-obrach air tidsearan as coireach nach eil clann-sgoile na h-Alba a' faighinn na taice a tha a dhìth orra. Tha sgrùdadh a rinn an t-aonadh am measg 11,000 tidsear ag ràdh gu bheil cha mhòr 3/4 dhiubh nach urrainn an cuid obrach a dhèanamh sna h-uairean anns na cùmhnantan aca. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' gabhail cheumannan airson na h-uallaichean sin a lùghdachadh.
Seumas Greumach
Tha ceannard a' Chomuinn Ghàidhealaich a' fàgail a dhreuchd an dèidh 15 bliadhna, còig dhiubh sin mar cheannard. Bidh Seumas Greumach na cheannard pàirt-ùine bhon Lùnastal gu an dèidh a' Mhòid Nàiseanta san Dàmhair nuair a ghabhas e obair ùr aig Bòrd na Gàidhlig airson plana corporra a' Bhùird a ghluasad air adhart.
Aiseag a' Chorrain
Chaidh dàil rè ùine air plana Comhairle na Gàidhealtachd airson faradh £2 air luchd-siubhail air chois air aiseag a' Chorrain. Thuirt fear de chomhairlichean Loch Abair, Anndra Bacastair, gun tèid a' chùis a-niste gu làn-choinneimh na Comhairle air an t-26mh là den mhìos seo.