Naidheachdan 10:00m

Teas

Tha na poilis air rabhaidhean fhoillseachadh a thaobh sàbhailteachd is dol-a-mach mi-shòisealta air thoiseach air an deireadh-sheachdain as teotha den bhliadhna ann an Alba. Tha grunn thachartasan mòra a' dol air adhart - nam measg TRNSMT ann an Glaschu, Fèis Chiùil Thiriodh agus tha Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh a' tòiseachadh. Tha dùil gun cruinnich sluagh aig lochan, aibhnichean is tràighean cuideachd. Tha rabhadh oifigeil an sàs gu Diluain a thaobh teintean fiadhaich. Thathar ag iarraidh air daoine gun càil a lasadh air a' bhlàr a-muigh.

GDP

Tha àireamhan bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta madainn an-diugh a' sealltainn gun do shearg eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte airson an dàrna mìos an dèidh a chèile anns a' Chèitean. Thuirt an seansalair Rachel Reeves gun robh an lùghdachadh de 0.1% na bhriseadh-dùil dhi.

Sgrùdadh anns an Òban

Thuirt na poilis gun tàinig na h-iomairtean aca anns an Òban co-cheangailte ri murt Euan Johnston gu ceann agus nach deach gunna sam bith a lorg. Chaidh Mgr Johnston, a bha 26 a mharbhadh nuair a chaidh losgadh air anns a' chàr aige air Sràid Alba ann an Glaschu ann an 2016. An t-seachdain seo, bha sgioba poilis a' dèanamh sgrùdaidh faisg air Rathad Shoroba anns a' bhaile. Chaidh David Scott a dhìteadh le murt Mhgr Johnston ann an 2018 ach tha poilis ag ràdh gun robh barrachd air aon neach an sàs ann.

Luchd-imrich

Dhiùlt Rùnaire na Dùthcha Yvette Cooper àireamh innse a thaobh cò mheud imriche a thèid a thilleadh dhan Fhraing fon aonta ùr eadar Breatainn agus an dùthaich sin ann an oidhirp smachd fhaighinn orrasan a bhios a' tighinn an seo ann am bàtaichan beaga. Fon sgeama pìleit, dheadh daoine a thilleadh air ais dhan Fhraing agus thigeadh luchd-siridh comraich an seo nan àite. Thuirt na Tòraidhean gur e sgeama suap a bha seo.

An Ear-Mheadhanach

Tha Prìomhaire Israel Benjamin Netanyahu a' falbh às na Stàitean Aonaichte as aonais aonta airson fois-fhòirneirt ann an Gàsa. Bha dòchas ann gun tigeadh aonta às dèidh chòmhraidhean leis a' Cheann-suidhe Trump. Tha an dithis air a bhith a' còmhradh ann an Washington mu bhith a' cur stad air an t-sabaid agus mu bhith a' tilleadh Israelaich a tha fhathast am bruid air ais dhachaigh. Tha còmhraidhean cuideachd a' leantainn ann an Qatar eadar Israel agus Hamas.