Buncair a' chogaidh fhuair

Leis an t-saoghal mar a tha e an-diugh, bhiodh cuid airson buncair a bhith aca an àiteigin fo'n talamh, agus ma tha sibh ann an Inbhir Nis, tha an dearbh rud faisg air làimh.

Tha athair agus mac a-ruith 'Behind the Radar' faisg air meadhan a' bhaile.

'S e seann bhuncair bhon dàrna cogadh a tha nis fosgailte mar thaigh-tasgaidh.

Thug Stephen MacLeòid sgrìob fo'n talamh.