Naidheachdan 11:00m
Mandelson
Tha na Tòraidhean ag ràdh gun iarr iad bhòt anns a' Phàrlamaid mura foillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte am fiosrachadh a bh' aig a' Phrìomhaire agus aig Rùnaire nan Dùthchannan Cèine mus deach am Morair Mandelson ainmeachadh chun na dreuchd mar thosgaire do na Stàitean Aonaichte. Chaidh a chur às an dreuchd a tha sin an-dè às dèidh do phuist-dealain nochdadh a sheall an seòrsa càirdeis a bh' aige le Jeffrey Epstein. Thuirt labhraiche don Phrìomhaire nach robh Àireamh 10 an sàs anns a' phròiseas sgrùdaidh a bh' ann airson na h-obrach.
An Eaconomaidh
Cha tàinig fàs idir air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte anns an Iuchar, a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Sin an taca ri àrdachadh de 0.4% air a' mhìos roimhe sin. Thuirt Roinn an Ionmhais gu bheil iad ag aithneachadh gum feumar barrachd a dhèanamh feuch toirt air an eaconomaidh fàs.
An Ruis
Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Yvette Cooper, air smachd-bhannan ùra fhoillseachadh an aghaidh na Ruis. Tha iad seo ag amas air roinnean cumhachd agus airm na dùthcha. Tha iad seo a' tighinn 's Ms Cooper air thuras a Khyiv, prìomh bhaile na h-Ucràin. Sin a' chiad turas aice ann o chaidh i os cionn Oifis nan Dùthchannan Cèine air an t-seachdain seo chaidh.
Harry
Tha am Prionnsa Harry cuideachd air thuras a Khyiv an-diugh. Chaidh cuireadh a thoirt dha a dhol ann on bhuidhinn Superhumans a bhios a' toirt taic do dh'Ucràinianaich a chaidh a ghoirteachadh anns a' chogadh ann an dòigh a tha a' toirt buaidh orra fad am beatha.
Charlie Kirk
Tha luchd-rannsachaidh anns na Stàitean Aonaichte air dealbhan ùra fhoillseachadh den duine a thathas an amharas a thug ionnsaigh ghunna air an neach-iomairt on làimh dheis Charlie Kirk. Chaidh a mharbhadh anns an ionnsaigh a tha sin aig tachartas oilthighe ann an Utah Diciadain. Tha am bhideo a' sealltainn cuideigin a' ruith tarsainn mullach togalaich às dèidh na h-ionnsaigh, sin mus deach iad gu talamh, agus an uair sin iad air teicheadh am broinn coille.
Tubaist
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh fear-motar-baidhseagail aois 59 a mharbhadh ann an tubaist-rathaid le bhana-campachaidh air taobh siar Rois feasgar an-dè. Thachair an tubaist air an A832 eadar Inbhir Iù agus Tùrnaig aig mu 3:10f. Dh'eug am fear-motar-baidhseagail aig an làraich 's cha deach an dithis a bha sa bhana-champachaidh a ghoirteachadh ann.
Ìrean Creic
Thàinig piseach air na chaidh a chreic ann am bùithean na h-Alba san Lùnastal às dèidh trì mìosan a bha rudeigin truagh dhaibh. Sin a rèir Buidheann Luchd-creic na h-Alba 's iadsan ag ràdh gu bheil na chaidh a chreic de choimpiutairean agus uidheamachd airson gheamaichean a thuilleadh air àrnais as coireach gu ìre mhòir airson an àrdachaidh. Thàinig àrdachadh an dà chuid air na chaidh a chreic anns na bùithean agus na chaidh a chreic air-loidhne.