Naidheachdan 11:00m

Prìsean cumhachd

Thèid prìsean gas is dealain an-àirde dha na milleanan dhaoine aig toiseach na h-ath -bhliadhna agus an riaghladair Ofgem air an cuibhreachadh prìse ùr aca fhoillseachadh. Thèid taraifean caochlaideach ann an Alba, Sasainn agus a' Chuimrigh suas 0.2% anns an Fhaoilleach. Bha dùil air a bhith ann gun deadh prìsean a lùghdachadh 1%.

Raon-ola Jackdaw

Bhiodh na gasaichean a chruthaicheadh raon Jackdaw anns a' Chuan a Tuath co-ionnan ri 90% de na h-eimiseanan a bh' aig Alba ann an 2023. Dh'fhoillsich a' chompanaidh Duidseach, Shell, figearan ùra air cosgais àrainneachdail an raoin ola ma is e 's gun tèid a cheadachadh. B' fheudar measadh ùr a dhèanamh air na planaichean cuide ris an fheadhainn airson nuair a shoirbhich tagradh laghail nan aghaidh ann an cùirt Albannach.

Ambasaid Ùr

Tha dùil gun tèid planaichean Sìonach airson ambasaid mhòr ùr a thogail ann an Lunnainn a cheadachadh leis an Riaghaltas. Cha deach co-dhùnadh foirmeil a dhèanamh fhathast, ach tha e air a thuigsinn gu bheil ministearan air comhairle fhaighinn bho bhuidhnean tèarainteachd gum biodh e sàbhailte am pròiseact a leigeil air adhart. Tha an làrach air Royal Mint Court faisg air prìomh cheàrn ionmhais a' bhaile, agus air càballan fibre-optic a tha a' giùlain fiosrachaidh dhìomhair.

Nigeria

Tha oifigich ann an Nigeria ag ràdh gun deach na deicheadan chlann-sgoile a thoirt am bruid bho sgoil Chatligeach ann an sgìre Niger. A rèir cuid de dh'aithrisean, dh'fhalbh luchd-gunna le faisg air 100 duine-cloinne agus luchd-obrach. Seo an treas tachartas dhe a leitheid ann an Nigeria ann an seachdain. Tha e air aithris gu bheil eucoirich a thug 38 daoine am bruid bho eaglais ann an Kwara ag iarraidh èirig do $69,000 airson gach prìosanaich. Tha an t-arm fhathast a' sireadh 20 nighean a chaidh a ghoid air falbh bho sgoil ann an Kebbi aig toiseach na seachdain.

Nathan Gill

Thèid binn a chur an-diugh air an fhear a bha na cheannard air Reform sa Chuimrigh às dèidh dha aideachadh ri ochd casaidean de bhrìobaireachd. Bha Nathan Gill cuideachd na Bhall-Pàrlamaid Eòrpach airson UKIP. Anns an t-Sultain dh'aidich Gill gun robh e air airgead a ghabhail airson a bhith a' cur taic ri meadhanan Ruiseanach san Ucràin.

Sneachda air na Mullaichean

Tha Cairngorm Mountain ag ràdh gu bheil sneachda gu leòr air a bhith ann airson beagan sgithidh agus bòrdachadh-sneachda a thabann air a' Chàrn Ghorm. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a' creic na h-uimhir de cheadan spòrs airson an deireadh-sheachdain, agus iad a' moladh do dhaoine bucadh cho luath 's a ghabhas.