Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn a' dol gu cuairt dheireanaich Cuach na Cloinne

Bidh Bun Sgoil Baile Ghobhainn aig cuairt dheireanaich Cuach na Cloinne ann an Inbhir Nis an ath-sheachdain às dèidh dhaibh tighinn am bàrr san fharpais sgìreil mu dheireadh ann an Glaschu an-diugh.

Bha còrr is còig sgioba thar fhichead bho sgoiltean à meadhan Alba a' cluich an aghaidh a chèile agus abair thusa bha spòrs aca uile. Seo Javen Houston