Naidheachdan 11:00m
Cuideachadh gu Bàs
Bidh bhòt ann am prionnsabal aig Holyrood an-diugh air a' Bhile airson Cuideachadh gu Bàs aig a' bhall Libearalach Dheamocratach Liam MacArtair. Tha Mgr MacArtair ag ràdh gum bu chòir cead a bhith aig feadhainn a tha fìor thinn am beatha a thoirt gu crìch airson pian a sheachnadh dhaibh fhèin agus an teaghlaichean. Tha dragh air a' Phrìomh Mhinistear John Swinney gun tèid cuideam air feadhainn a tha tinn no ciorramach am beatha a thoirt gu ceann tràth.
Cur Teine
Tha fear an grèim co-cheangailte ri cur teine ri togalaichean ann an Lunnainn - dhà dhiubh aig a bheil ceangal ris a' Phrìomhaire Sir Keir Starmer. Tha an duine, a tha 21 bliadhna de dh'aois, an grèim fo amharas gun do chuir e beatha ann an cunnart le bhith a' lasadh teine.
Nissan
Tha a' chompanaidh chàraichean Nissan an dùil 20,000 cosnadh a ghearradh air feadh an t-saoghail. Tha sin a dhà uimhir 's a bha dùil. Tha mu 6,000 duine ag obair aig Nissan ann an Sunderland ach chan eil cinnt dè a' bhuaidh a bheir na gearraidhean orrasan.
Dòmhnall Trump
Tha an Ceann-Suidhe Trump ann an Saudi Aràibia air a chiad turas mhòr bho chaidh a thaghadh a-rithist. Tha dùil ris ann an Qatar a-màireach agus anns na h-Eimiritean Aonaichte Arabach an-earrar. Tha Mgr Trump an dòchas luach còrr is trillean Dollar de dh'aontaidhean malairt a chur air dòigh.
Taigh-Staile na Hearadh
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad a h-uile dad as urrainn airson Taigh-Staile na Hearadh a chuideachadh. Thàinig an gealltanas bho Mhinistear a' Ghnothachais Ridseard Lochhead an dèidh dhan chompanaidh innse gun tèid obraichean aig an taigh-staile a ghearradh ged nach eil fios fhathast cia mheud. Tha mu 50 duine ag obair an sin an-dràsta.
Gerard Depardieu
Chaidh an t-actair ainmeil Frangach Gerard Depardieu fhaighinn ciontach fo chasaid gun tug e ionnsaigh fheiseil air dithis bhoireannach air làrach fiolma bho chionn ceithir bliadhna. Chaidh binn prìosan 18 mìos fhàgail a' crochadh air. Thuirt luchd-lagha Mhgr Depardieu, a tha 66 bliadhna de dh'aois, gun dèan e ath-thagradh.
Cainb
Chaidh fear 70 bliadhna de dh'aois a chur an grèim an dèidh do phoileas luach £3.2m de chainb fhaighinn ann an Lios Mo Chuda ann am Fìobha. Fhuair na Poilis na lusan ann an togalach air raon gnothachais Gateside Diardaoin seo chaidh.