Naidheachan 11:00m

An Ucràin

Tha oifigich airm nan Stàitean Aonaichte sa Ucràin airson còmhraidhean mu mar as urrainear an cogadh eadar an Ruis agus an Ucràin a thoirt gu crìch. Tha cuid de dh'aithrisean air nochdadh a tha a' cumail a-mach gu bheil Washington is Moscow air còmhraidhean a chumail às aonais Khyiv agus iad a' moladh gèillidhean mòra bhon Ucràin. Chan eil na Stàitean Aonaichte air neo an Ruis air a leithid a dhearbhadh ge-tà.

Andy Burnham

Tha Mèar Mòr-Sgìre Mhanchester air diùltadh a ràdh nach dèan e oidhirp aison ceannas nan Làbarach tron teirm phàrlamaid seo. Thuirt Andy Burnham nach eil sgath a dh'fhios aige gu dè thig san ùine ri thighinn, ach gur e Manchester am prìomhachas an-dràsta. Bha cuid a tha faisg air Sir Keir Starmer air a ràdh air an t-seachdain a chaidh gun dèanadh am Prìomhaire strì sam bith an aghaidh oidhirp bho dhaoine eile son a cheannais.

Aonta nàiseanta do thidsearan an Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol a dh'fhoillseachadh aonta nàiseanta do thidsearan le moladh gum biodh seachdain teagaisg fad ceithir làithean aca, rud a bhiodh sùbailte. Tha oifigich ag ràdh gur e bhith a' toirt taic don luchd-obrach agus a bhith a' toirt piseach air ìrean ionnsachaidh agus maith nan sgoilearan an t-amas. Tha seo a' tighinn agus aonaidhean teagaisg a' cumail baileat airson stailc mu phàigheadh agus mu chumhachan obrach.

Rannsachadh Chovid

Tha an rannsachadh poblach mu Chovid gu bhith a' foillseachadh an cuid thoraidhean air mar a dhèilig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ris a' phandemic. Bha còrr air 160 duine air fianais a thoirt seachad an leithid an t-seann Phrìomhaire Boris Johnson agus an t-seann Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon. Tha dùil gum bi measadh ann air mar a chaidh lockdown a chleachdadh gus bacadh a chur air scapadh a' bhìorais.

Buaidh na sìde

Tha còrr air 100 sgoil dùinte ann an earra-thuath na h-Alba tàilleibh an t-sneachda. Tha rabhadh buidhe an sàs bho oifis na sìde airson sneachda is reothaidh ann an ceann a tuath na dùthcha gu naoi uairean a-nochd fhathast. Tha cuid de sgoiltean san Eilean Sgitheanach agus an Gallaibh dùinte an-diugh cuideachd.

Crìonadh-sluaigh

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh mu chrìonadh-sluaigh san sgìre. A rèir àireamhan a' bhùird-shlàinte fhèin, thig lùghdachadh 6% air an àireamh dhaoine sna h-Eileanan an Iar a bhios aig aois obrach sna trì bliadhna ri thighinn. Tha mu 26,000 duine a' fuireach anns na h-eileanan agus tha an àireamh sin air a dhol sìos 5.5% bhon chunntas-sluaigh a bh' ann mu dheireadh ann an 2011.