Cùmhnant nan aiseagan do ChalMac

CalMac
  • Air fhoillseachadh

Chaidh an cùmhnant ùr airson seirbheisean aiseig Chluaidh agus Innse Gall a thoirt seachad dìreach do ChalMac gun fharpais.

Bha Riaghaltas na h-Alba air innse roimhe gur e seo a bha iad 'son a dhèanamh - gun pròiseas tairgse a bhith ann - ach gun robh feum air dearbhadh laghail.

A' dearbhadh na naidheachd ann am Pàrlamaid na h-Alba madainn Diardaoin, thuirt Rùnaire na Còmhdhail Fiona Hyslop gu bheil fòcas na seirbheis ag atharrachadh le seo is a' gluasad bho aonta coimeirsealta gu "modail seirbheis phoblaich nas stèidhichte air na coimhearsnachdan a tha e a' frithealadh".

Thuirt i gu bheil i an dùil gun tig piseach air seirbheisean ri linn seo.

"Tha mi an làn-dùil leis a' chùmhnant gun tig atharrachadh air feadh lìonra Chluaidh agus Innse Gall, stèidhichte air modail nas èifeachdaiche is nas sùbailte a tha a' freagairt air feumalachdan na coimhearsnachd."

Bha an cùmhnant a bha aig CalMac gus tighinn gu ceann san t-Sultain an-uiridh ach chaidh a leudachadh bliadhna eile.

Tha deasbad gu leòr air a bhith ann is mòran air crathadh bunaiteach iarraidh air siostam riaghlaidh nan aiseagan ann an Alba san fharsaingeachd.

Tha gearanan tric air a bhith ann mun t-siostam a th' ann is mar a tha CalMac, CMAL is Còmhdhail Alba ag obair le chèile is le coimhearsnachdan.

Chuir CalMac fàilte air a' chùmhnant ùr.

"Tron ùine a bh' ann nuair a chaidh an cùmhnant a bh' againn a leudachadh, dh'aithnich sinn gun robh feum air gnothaichean atharrachadh," thuirt àrd-stiùiriche ChalMac, Donnchadh Mackison.

"Tha sinn mar-thà a' leudachadh sgiobaidhean aig ìre-ionadail, a' dèanamh barrachd conaltraidh le coimhearsnachdan agus a' freagairt nas fheàrr air feumalachdan luchd-cleachdaidh.

"Fàgaidh sin gum bi sinn ann an suidheachadh làidir nuair a thòisicheas an cùmhnant ùr agus le sia aiseagan mòra is seachd aiseagan beaga gus tighinn a-steach dhan lìonra eadar 2025 is 2029, bidh an comas againn seirbheis làidir, earbsach a thoirt seachad a' fàs," thuirt e.

Tòisichidh an cùmhnant ùr air a' 1d den Dàmhair.