Naidheachdan 11:00m

Tubaist-phlèana

Tha seirbheisean èiginn aig làrach faisg air port-adhair Ahmedabad anns na h-Ìnnseachan far an do thuit itealan gu làr. Bha am plèana aig Air India air slighe gu Gatwick. Bha 242 duine air bòrd.

An Eaconomaidh

Tha figearan ùra ag ràdh gun robh an crìonadh as motha ann an 18 mìosan ann an eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte sa Ghiblean. Bha an toradh GDP sìos 0.3% an dèidh fàs 0.2% sa Mhàrt. Thuirt an Seansalair, Rachel Reeves, gur e briseadh-dùil a th' ann. Thuirt na Tòraidhean gu bheil Ms Reeves a' dèanamh sgrios air an eaconomaidh agus gur ann nas miosa a bhios sin.

Gàsa

Tha oifigich slàinte ag ràdh gun deach air a' char as lugha 18 duine de Phailistinianaich a mharbhadh fhad 's a bha iad a' feitheamh ri cobhair ann am meadhan Ghàsa tron oidhche agus gun deach mu 200 eile a leòn. Thuirt arm Israel gu bheil iad a' rannsachadh aithris gun do loisg na saighdearan aca orra.

Fòirneart

Bidh am Prìomh Mhinistear os cionn àrd-choinneimh an-diugh mu fhòirneart agus eucoir sgeine am measg òigridh. Tha cuideam air John Swinney rudeigin a dhèanamh an dèidh na h-uimhir de thachartasan bho chionn ghoirid. Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh nach eil anns a' choinneimh ach buidheann còmhraidh.

Sheku Bayoh

Tha cuideam air cathraiche an rannsachaidh phoblaich mu bhàs dhuine dhuibh a bha an grèim aig poilis seasamh sìos bhon dreuchd. Tha Caidreachas Poileas Alba a' fàgail air a' Mhorair Bhracadail gun robh coinneamhan dìomhair aige le teaghlach Sheku Bayoh, a chaochail nuair a cheannsaich poilis e ann an Cathair Challdainn bho chionn deich bliadhna.

MV Lord of the Isles

Thill am bàt-aiseig an Lord of the Isles chun na slighe eadar Loch Baghasdail agus tìr-mòr an-diugh an dèidh a toirt air falbh aig toiseach na seachdain arson a càradh. Ach tha muinntir Uibhist a Deas a' gearain uair eile gur iadsan as motha a tha a' fulang le laigse ann an lìonra ChalMac. Thuirt ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, nach robh aon sheachdain shlàn de sheirbheis aig Uibhist a Deas am-bliadhna.