A' chiad Àrd-Oifigear a bha air Comhairle nan Eilean Siar

Cha robh Roy MacÌomhair ach 32 nuair a fhuair e dreuchd mar a' chiad Àrd-Oifigear a bha air Comhairle nan Eilean Siar.

Bha e aig an stiùir airson faisg air dusan bliadhna, àm nuair a chaidh pròiseactan mòra còmhdhail, bun-structair agus foghlaim a chur air chois.

B' e an t-Àrd-Oifigear nuair a ghluais a' Chomhairle gu togalach ùr ann an 1979, bliadhna a tha e fhèin air a ràdh a bha fìor chudromach ann an eachdraidh an ùghdarrais ionadail.

Dh'fhàg e ann an 1986 agus chaidh e air adhart gu bhith os cionn buidheann riochdachaidh nan ùghdarrasan ionadail, COSLA.

Chaidh Dòmhnall Moireasdan a chèilidh air Roy na dhachaigh ann an Dùn Èideann.

Fhuair e beachd bhuaithe mu cò ris a bha e coltach a bhith na àrd-oifigear air a' chomhairle ùr, na prìomhachasan a bh' aca, agus mar a shoirbhich leotha sin thar nam bliadhnachan.