Naidheachdan 11:00m
Gàsa
Thuirt Hamas nach eil brìgh sam bith ann am beachd a' Chinn-suidhe Trump gum bu chòir do dh'Israel cur às dhan fhois-fhòirneirt ann an Gàsa mura saor Hamas na h-Israelaich a tha am bruid aca ro mheadhan là Disathairne. Thuirt Hamas a-raoir nach gabh iad pàirt anns an ath shuap phrìosanach agus tha iad a' fàgail air Israel gun do bhrist iad an t-aonta.
BP
Dh'innis a' chompanaidh ola BP gun toir iad atharrachadh bunaiteach air stratasdaidh an dèidh dha am prothaidean tuiteam gu mòr an-uiridh. Tha làn dùil ri dearbhadh a dh'aithghearr gun geàrr iad air ais air pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail agus gun leudaich iad an obair ola agus gas mar a rinn dà chompanaidh mhòir eile, Shell agus Equinor, bho chionn ghoirid. Thuit teachd a-steach BP gu £7.2b ann an 2024 bho £11.2b a' bhòn-uiridh.
Saorsa thràth
Thàinig lagh ùr gu bith an-diugh a bheir saorsa thràth do phrìosanaich. Tha an reachdas a' ciallachadh gum faigh feadhainn air an deach binn nas giorra na ceithir bliadhna a-mach às a' phrìosan an dèidh 40% de am binn seach 50%. Tha dùil gun tèid a' chiad fheadhainn a shaoradh an ath-sheachdain.
Aiseagan Bharraigh
Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil e ag aontachadh ri muinntir Bharraigh a tha a' gearain nach gabhadh eilean eile ri seirbheis cho truagh. Chan eil àite air fhàgail air a' bhàta-aiseig, an Isle of Mull, eadar Bàgh a' Chaisteil agus an t-Oban 'son còig là eadar a-màireach agus toiseach na seachdain seo tighinn. Thuirt Cal Mac nach gabh sin atharrachadh gun bhuaidh mhòr air sgìrean eile agus gu bheil roghainn ann siubhal tro Uibhist.
Foghlam Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh air Comhairle na h-Eaglaise Brice taic a chumail ri pàrantan le cosgaisean siubhail gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgìrean comhairle eile. Tha cuid de phàrantan ag radh gun tig orra a' chlann a thoirt a-mach à foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Comar nan Allt agus Sruighlea. Tha a' chomhairle ag radh nach eil dleastanas laghail orra còmhdhail a chur air dòigh agus nach urrainn dhaibh cumail a' dol leis mar a tha cosgaisean ag èirigh. Bidh bhòt ann air a' chùis Diardaoin.