Naidheachdan 11:00
Cupa na Cruinne
Tha fireannaich na h-Alba air Cupa na Cruinne a ruighinn 'son a' chiad uair bho 1998. Rinn iad an gnothach air an Danmhairg 4-2 aig Hampden a-raoir airson a dhol troimhe chun na farpais a thèid a chumail ann am Aimeireaga a Tuath as t-samhradh.
Sneachd
Tha grunnan sgoiltean air a' Ghàidhealtachd agus ann an earra-thuath na h-Alba dùinte an-diugh tàilleibh an t-sneachda agus reòthaidh. Tha rabhadh buidhe an-dràsta an sàs bho Oifis na Sìde gu an ath-oidhche ann an cuid de dh'àitichean. Tha na poilis ag iarraidh air dràibhearan a bhith fuireachail agus beagan ullachaidh a dhèanamh mus tèid iad a dh'àite.
Soitheach brathaidh Ruiseanach
Thuirt Rùnaire an Dìon gun robh soitheach brathaidh Ruiseanach a bh' air iomaill uisgeachan Bhreatainn air leusairean a chur a dh'ionnsaigh pìdhleatan nam feachdan armaichte a chaidh a chur gus sùil a chumail oirre. Thuirt John Healey gu bheil sinn beò ann an linn ùr de chunnart agus e a' sireadh barrachd airgid do roinn an dìon.
Ionnsaigh trèana
Chaidh fear, 32, agus a tha fo chasaid gun tug e ionnsaigh sgèine air deichnear air trèan, a chur fon tuilleadh chasaidean. Thuirt Poileas Còmhdhail Bhreatainn gun deach Anthony Williams a chur fo seachd casaidean eile, dà chasaid oidhirp air murt nam measg, mar phàirt de rannsachadh nas fharsainge. Bha e cheanna fo dheich casaidean de dh'oidhirp air murt às dèidh na h-ionnsaigh sgèine air trèan eadar Doncaster is Lunnainn aig toiseach na mìos.
An atmhorachd
Thuirt an Seansalair gur e deagh naidheachd a th' ann do dhaoine gun tàinig lùghdachadh air ìre na h-atmhòrachd, ach thuirt Rachel Reeves gu bheil i ag aithneachadh gu bheil barrachd ri dhèanamh fhathast. Dh'innis Oifis nan Staitistig Nàiseanta madainn an-diugh gun tàinig lùghdachadh air ìre na h-atmhòrachd gu 3.6% san Dàmhair. Thuirt an Seansalair Dùbhlanach, Sir Mel Stride, gu bheil an atmhòrachd air a bhith os cionn na targaid son a h-uile mios bhon bha am buidsead mu dheireadh ann.
Great British Energy
Tha a' chompanaidh Great British Energy, a tha fo shealbh na stàite, air 15 daoine fhastadh an Obar Dheathain bliadhna gu leth às dèidh mar a chaidh a ghealltainn gun rachadh na prìomh-oifisean aca a stèidheachadh sa bhaile. Tha àrd-oifigear na companaidh, Dan McGrail, air innse do bhuill-phàrlamaid gu bheil iad an ìre mhath faisg air àite fhaighinn. Chaidh a dhearbhadh an-diugh gur e earrann bheag air moladh airson tuath-gaoithe aig muir far chosta Ghallaibh a' chiad rud air a bheil iad air airgead a chur.