Plana airson Eaglais Innis

Tha deasbad a' dol ann am Bàideanach an dràsta mu na tha dàn do dh'eaglais eachdraidheal ann an sgìre Cheann na Creige.

Thogadh Eaglais Loch Innis 'san ochdamh linn deug, agus tha Eaglais na h-Alba airson an toglach a chuir bhuapa ro dheireadh na h-ath bhliadhna.

Tha plana anns a' choimearsnachd airson an eaglais a' cheannach agus a leasachadh, mar a tha Nicole Dempster ag aithris, 's tha iad cuideachd airson a cumail mar àite adhraidh.