"An t-seachdain as fheàrr anns an t-saoghal."
Tha Fèis Eilean an Fhraoich a' gabhail àite an t-seachdain seo an Steòrnabhagh agus bidh còrr air 200 duine-cloinne a' dol ann.
Tha Fèis nan Deugairean air a dhà uiread de dh'òigridh a thàladh am-bliadhna an coimeas ris an-uiridh.
Bhruidhinn cuid den òigridh a bha an làthair mu na tha a' còrdadh riutha mun fhèis.