Sgoil amalaichte Ghaeilge air fosgladh ann am Beul Feirste

Chuir a' chiad sgoil Ghaeilge amalaichte ann an Èirinn a Tuath fàilte air na ciad sgoilearan aice an diugh.

Tha Scoil na Seolta, a tha stèidhichte ann a sgìre Phròstanach do Bheul Feirste, ag amas air òganaich bho na diofar choimhearsnachdan a thoirt còmhla.

Bha Ruairidh MacÌomhair aig fosgladh na sgoile.