Dealbhan a' toirt daoine còmhla air a' Bhac
Tha Comann Eachdraidh Sgìre a' Bhac air a bhith trang a' cur diofar thachartasan air dòigh gus muinntir na sgìre a thoirt còmhla.
Nam measg, tha cluba a bhios a' coinneachadh gach Diciadain gus coimhead tro sheann dealbhan is bhidiothan às an sgìre.
Bidh iad a' faighinn cothrom fiosrachadh a roinn mu cò na daoine a tha anns na dealbhan agus tha sin cuideachd na thaic mhòr dhan Chomann Eachdraidh is iad a' cumail notaichean airson na tasglainn aca fhèin.