"Chan fhaic mi gun tàinig cùisean dad nas fheàrr"
Tha cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach eil mòran de dhiofar ann a thaobh siubhail do dh'euslaintich ann an Uibhist.
Bha Ùisdean Robasdan a' bruidhinn is bliadhna ann bho thadhail Rùnaire na Slàinte air Uibhist 'son bruidhinn mun chùis.
Tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil e an dòchas gun tig piseach le plèana ùr gus tòiseachadh air an t-slighe eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh.