Ciamar a bu chòir coimhead às dèidh seann thogalaichean
Tha bearn gu math mòr gu bhith air Sràid Sauchiehall airson greis fhathast agus Riaghaltas na h-Alba air ath-sgrùdadh iarraidh air planaichean gus leasachadh a thoirt air làrach togalach eachdraidheil an 02 ABC.
A-rèir an rannsachaidh as ùire aig Àireannachd Eachdraidheil na h-Alba, tha faisg air 150 togalach ann an Glaschu ann an droch staid, agus tha sgeulachd an 02 ABC a' togail cheistean mun dòigh as fhèarr dèiligeadh riutha.
Seo aig Eilidh NicIomhair.