Naidheachdan 10:00m

Iran

Tha an còigeamh oidhche ann an sreath de dh'ionnsaighean air a bhith ann eadar Israel agus Iràn. Chaidh co-dhiù còignear a ghoirteachadh ann an Israel sa mhadainn ann an ionnsaigh Iràinianaich. Thuirt Israel gun robh iad air an oifigear as àirde ann am feachdan armaichte Iràn a mharbhadh anns na h-ionnsaighean aca - agus e air a stèidheachadh san dreuchd bho choinn beagan làithean a-mhàin. Bha iad na bu thràithe air ionnsaigh a dhèanamh air ionad telebhisein na stàite ann an Tehran. A rèir Iràn, chaidh triùir a mharbhadh ann an sin.

Trump

Tha an Ceann-suidhe Trump a' tilleadh a Washington là nas tràithe na bha dùil, bho àrd-choinneimh an G7 ann an Canada. Thuirt e gun robh sin ri linn suidheachadh an Ear-Mheadhanaich, agus e a' moladh do mhuinntir Tehran am baile sin fhàgail, mus deach e air plèana. Mus do dh'fhàg e, chuir ceannardan dùthchannan an G7 brath a-mach a' cur taic ri còir Israel a bhith ga dìon fhèin, agus ag ainmeachadh Iràn mar bhunait dha mì-chinnt agus ceannairc san sgìre.

Malairt

Tha an Rìoghachd Aonaicthe agus na Stàitean Aonaichte air gabhail ri aonta malairt às ùr, a tha a' cur às de chuid de na bacaidhean air malairt a bha ann eadar an dà dhùthaich. Tha seo a' cur ris an aonta a rinneadh eadar an dà dhùthaich bho chionn beagan sheachdainean. Mairidh cìs de dheich sa cheud air càraichean à Breatainn - agus mòran bhathair eile - ach tha sin nas lugha na na cìsean Aimeireaganach a bha ann, agus a tha fhathast ann air stuth à mòran dhùthchannan eile. Bha an t-aonta air a dhèanamh mus do dh'fhàg an Ceann-Suidhe Trump coinneamh an G7 ann an Canada.

An Ucràin

Chaidh co-dhiù 15 duine a mharbhadh ann an ionnsaighean Ruiseanach air prìomh bhaile na h-Ucràin, Kyiv, tron oidhche an-raoir, a rèir oifigich Ucràinianaach. Bha faisg air leth-cheud duine air an goirteachadh, agus an Ceann-suidhe Zelensky ag ràdh gun robh an ionnsaigh air a bhith am measg an fheadhainn as miosa air Kyiv bho thòisich an cogadh. A rèir aithrisean, bha togalaichean còmhnaidh, ionadan foghlaim agus bun-structar cudromach am measg na chaidh a bhualadh. Bha ionnsaighean eile ann am baile Odesa, air taobh an iar na dùthcha, am measg sgìrean eile.

Bile nan Cànanan

Thèid bhòtadh an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba air Bile nan Cànanan Albananch a dhèanamh na lagh. Tha sin ag amas air suidheachadh na h-Albais agus na Gàidhlig a neartachadh. Fon bhile, bhiodh beagan chòraichean a bharrachd aig pàrantan a thaobh a bhith ag iarraidh sgoil Ghàidhlig anns an sgìre aca, agus tha nithean ann airson sgìrean Gàidhlig sònraichte ann an àiteachan far an robh i gu h-eachdraidheil làidir. Tha grunn atharrachaidhean gam moladh dhan bhile fhathast, ann an oidhirp a neartachadh tuilleadh.