Naidheachdan 11:00m

Gàsa

Thàinig rabhadh bho chòrr air ceud buidheann cobhair gu bheil mòr-ghort a' sgàpadh feadh Ghàsa. Dh'fhàg iad air Israel - aig a bheil smachd air na crìochan - nach eil i a' toirt cothrom do dhaoine air biadh. Ach tha Israel a' dol às àicheadh sin, 's i ag ràdh gu bheil na ceudan làraidhean bìdhe a' feitheamh ri buidhnean eadar-nàiseanta an togail.

Ceannaichean-ionmhais

Chuir a' Phrìomh Chùirt às do dhìteadh dithis cheannaichean-ionmhais a bha ag obair anns an City agus a bh' air a bhith bliadhnaichean anns a' phrìosan airson foill le ìre an rèidh. Fhuair a' Phrìomh Chùirt nach robh an dìteadh aig Tom Hayes agus Carlo Palombo sàbhailte. Bha iadsan air faisg air 40 ceannaiche-ionmhais a thugadh gu lagh a thaobh foill le ìre an rèidh, ann an Lunnainn agus an New York.

A96

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist-rathaid anns an do bhàsaich boireannach an-dè air an A96, faisg air Port-adhair Inbhir Nis. Thachair e mu 3:30f an-dè, mu mhìle an ear air cearcall-rathaid a' phuirt-adhair. Bha e eadar car Vauxhall Insignia agus bhan tiopair Ford. Bha am boireannach a bhàsaich 65 's bha i na pasainsear anns a' chàr. Chaidh fireannach, 69, a bha a' dràibheadh a chàir, a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis, far a bheil e ann an suidheachadh èiginneach.

Ficsean

Thèid a' chiad leabhar ann an sreath ùr gus leughadh anns a' Ghàidhlig a bhrosnachadh fhoillseachadh a-nochd. Tha am foillsichear Acair a' cur romhpa sreath a chur a-mach fon ainm "Feuch Ficsean" 's iad an dòchas gun tarraing e daoine nach àbhaist a bhith a' leughadh sa Ghàidhlig. 'S e "Soraidh Slàn le Halaig," a sgrìobh Maoilios Caimbeul, a' chiad fhear, 's foillsichidh iad e ann an Sabhal Mòr Ostaig a-nochd fhathast.

Mucan-mara

Tha rannsachadh a' leantainn ann an Arcaibh an dèidh do thrì mucan-mara-bolg-shrònach bàsachadh deas air Papa Westray. Tha eòlaichean air sùil a thoirt air aon aca mar thà, 's fhuair iad nach robh i air càil ithe bho chionn ghoirid.