Seann eaglais an Srath Narann gu bhith ag innse eachdraidh a' ghlinne

Seann dealbh de dh'Eaglais Dhùn FhlichididhTùs an deilbh, AM BAILE/HIGHLIFE HIGHLAND
  • Air fhoillseachadh

Thèid Eaglais Dhùn Fhlichididh, far an do gheuraich Seumasaich an claidheamhan ro Bhlàr Chùil Lodair, a ghlèidheadh agus a dhèanamh na h-Ionad Dualchais.

Chaidh an t-seirbheis mu dheireadh le Eaglais na h-Alba a chumail innte ann an 2019 ach b' e àite-adhraidh a bh' anns an làraich bhon 7mh Linn.

Tha Ali Foirbeis a tha a' fuireach sa ghleann ag ràdh gu bheil "tòrr eachdraidh co-cheangailte ris an togalach".

"Le beagan càraidh bidh e na ionad a-rithist airson na sgìre," thuirt e.

Eaglais Dhùn Fhlichididh
Fo-thiotal an deilbh,

'S e àite-adhraidh a th' air a bhith san làraich airson nan linntean mòra

Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1759 ach tha pìosan dhith a' dol air ais gu 1569.

Fhuair Comann Dualchais Shrath Narann sealbh air an togalach eachdraidheil aig toiseach 2024.

Thuirt Cathraiche na buidhne, Alasdair Foirbeis, gu bheil an sinnsearan air an tiodhlacadh sa chladh agus "gun robh an t-eagal air mòran sa ghleann gum faodadh an eaglais a dhol ann an làmhan prìobhaideach".

Alasdair Foirbeis
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Alasdair Foirbeis gun robh e a' cur uabhas orra gum faodadh an làrach far a bheil uaighean an sinnsearan a bhith an làmhan prìobhaideach

Tha an iomairt aca Ionad Dualchais a stèidheadchadh san togalach a-nis a' gluasad air adhart an dèidh dhaibh £40,000 de thaic-airgid riaghaltais fhaighinn.

Tha Alasdair ag ràdh gu bheil iad gu sònràiche "airson aire dhaoine a thoirt dhan bhuaidh a bh' aig a' Ghàidhlig air a' ghleann seo thar nam bliadhnaichean".

B' e àite adhlacaidh traidiseanta Chlann Ghille Chatain agus Chlann Mhic Gille Bhràith.

"Gu mì-fhortanach bidh daoine ag atharrachadh ar n-ainmean a th' air na clachan-uaighe seo airson nan ceudan de bhliadhnaichean. Tha e cudromach fios a bhith aig daoine mu dè tha na h-ainmean a' ciallachadh," thuirt Alasdair.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Bidh iad cuideachd ag innse mun cheangal eadar an eaglais agus Blàr Chùil Lodair.

Thuirt Alasdair: "Bha fear a bhuineas dhomh fhèin ann an Crasg nuair a thàinig iad an tòir air Teàrlach agus ghabh saighdearan an Riaghaltais fois ann an sin greiseag, ach mura biodh iad air stad ann bhiodh iad air a ghlacadh."

Tha làraichean cuideachd ri fhaicinn air balla far an robh na saighdearan Seumasach a' faobharachadh nan claidheamhan aca mus robh am blàr ann.

Bidh na cuimhneachain agus na cunntasan sin mar phàirt den thaisbeanadh a tha a' choimhearsnachd ag ullachadh, a bheir ath-bheòthachadh air làrach a th' air a bhith aig cridhe eachdraidh an t-sratha airson còrr is mìle bliadhna.

Seann dealbh de dh'Eaglais Dhùn FhlichididhTùs an deilbh, AM BAILE/HIGHLIFE HIGHLAND
Fo-thiotal an deilbh,

Tha uaighean Chlann Ghille Chatain agus Chlann Mhic Gille Bhràith sa chladh