Naidheachdan 11:00m

Kyiv

Thuirt an Ceann-Suidhe Zelensky gun tug an Ruis tè de na h-ionnsaighean as motha bho thòisich an cogadh air Kyiv an-raoir. Tha oifigich Ucràinianach ag ràdh gun deach an àireamh as motha de dhrònaichean is urchairean a losgadh goirid an dèidh don Cheann-Suidhe Trump bruidhinn ris a' Cheann-Suidhe Putin air a' fòn.

Gàrradh MhicFhearghais

Dh'iarr Comataidh nan Cunntasan Poblach aig Holyrood gun deadh barrachd airgid a chur ri Gàrradh MhicFhearghais. Tha iad ag ràdh gum biodh coltas na b' fheàrr air san ùine ri thighinn nan deadh sùil nas mionaidiche a chumail air cùisean, 's nam biodh riaghladh na b' fheàrr ann. Thuirt Ministearan an Riaghaltais Albannaich gun deach a chur fo shealbh na Stàite gus a shàbhaladh, 's gu bheil iad a' cur £14m ris thairis air dà bhliadhna. Thuirt a' chomataidh ge-tà, gu bheil £25m a dhìth.

Tubaist-rathaid

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh mu thubaist-rathaid air an A82 madainn an-dè bruidhinn riutha. Thachair an tubaist eadar bus is càr mu chairteal an dèidh aon uair deug aig Taigh a' Phuirt, eadar Baile a' Chaolais agus Gleann Comhann. Chaidh dràibhear a' chàr agus an neach a bha siubhail cuide riutha a thoirt do dh'Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid an Glaschu far a bheil iad fhathast ann an staid ìosail. ha deach duine sam bith eile a ghoirteachadh.

Ceòl Traidiseanta

Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Ghlaschu a' coimhead ri sàrachadh is fòirneart fheiseil ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta an Alba. Tha dòchas ann gum bi tuigse nas fheàrr ann air a' bhuaidh a tha an leithid a' toirt air boireannaich a tha an sàs ann. Tha suirbhidh aca - far nach leigear a leas ainm a thoirt seachad - 's e fosgailte gu Diciadain seo tighinn.

Diogo Jota

Tha luchd-leantainn ball-coise air cruinneachadh ann an Liverpool agus ann am Porto sa Phortagal gus luaidh a dhèanamh air Diogo Jota a bhàsaich ann an tubaist rathaid cuide ra bhràthair ann an iar-thuath na Spàinne madainn an-dè. Thèid seirbheis chaithris a chumail aig seapail faisg air Porto feasgar, ron tiodhlaigeadh a-màireach.

John Clark

Tha dùil ri sluagh an Glaschu an-diugh fhathast 'son tiodhlaigeadh an t-seann chluicheadair Celtic agus fear de Leòmhainn Lisbon, John Clark. Bhàsaich e air an t-seachdain seo chaidh aig aois ceithir fichead 's a ceithir. Bha e air cluiche còrr air trì cheud turas do Celtic, agus e air fhastadh leotha 'son còrr air leth-cheud bliadhna, mar chluicheadair, mar choidse, mar leas-mhanaidsear, agus mar mhanaidsear an aodaich.

Luchd-tadhail

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gun do thadhail barrachd dhaoine air na làraichean aca an-uiridh na riamh roimhe. Thàinig àrdachadh 37% orra, le dùil gun deach fàilte a chur air còrr air 2,000,000 duine. Thug iad rabhadh seachad ge-tà, gu bheil barrachd luchd-turais a' cur barrachd uallaich air àrainneachd nàdarra na dùthcha.