Naidheachdan 11:00m

Turas Dhòmhnaill Trump

Tha eas-aonta eadar riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte mu chosgaisean obair nam Poileas is tèarainteachd airson tursan Cheann-Suidhe agus Leas-Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte a dh'Alba. Chuir an Ceann-Suidhe Trump seachad ceithir là ri goilf ann an Siorrachd Àir agus ann an Siorrachd Obar Dheathain san Iuchar, ach choinnich e cuideachd ris a' Phrìomh Mhinistear John Swinney, agus ri Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich Ursula Von der Leyen. Thàinig an Leas-Cheann-Suidhe, JD Vance, a dh'Alba san Lùnastal air saor-làithean teaghlaich. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach gum feum Alba a' chosgais - £26m - a phàigheadh seach nach e tursan foirmeil a bh' ann.

An Atmhorachd

Sheall na figearan as ùire an-diugh gun do dh'fhuirich ìre na h-atmhorachd aig 3.8% air a' bhliadhna dhan t-Sultain dìreach mar a bha san Iuchar agus anns an Lùnastal. Tha sin a' fàgail chosgaisean bith-beò os cionn targaid Bhanca Shasainn aig 2% ged a tha prìsean ag èirigh nas lugha na bha eòlaichean an dùil.

An Ucràin

Chaidh sianar a mharbhadh ann an ionnsaighean Ruiseannach air Kyiv, prìomh bhaile na h-Ucràin, tron oidhche. Chaidh an dealan a ghearradh dheth ann an Kyiv agus ann an sgìrean eile. Agus chleachd an Ucràin urchairean a fhuair iad à Breatainn agus bhon Fhraing airson ionnsaigh a thoirt air factaraidhean armachd ann an ceann a deas na Ruis.

Grumadh

Gheall Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmoud, nach bi lagachadh sam bith ann an rannsachadh mu ghràisgean "grumaidh" ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Tha ceathrar a-niste air an dreuchd san rannsachadh fhàgail le dragh orra gun tèid raon an rannsachaidh a leudachadh agus mu cò an cathraiche a bhios air.

Ionnsaigh Shaidhbeir

Tha eòlaichean ag ràdh gum b' e ionnsaigh air siostam coimpiutair Jaguar Land Rover air a' mhìos a chaidh an tachartas saidhbeir as milltiche riamh do dh'eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte. Tha an t-Ionad Faire Saidhbeir den bheachd gun cosg an ionnsaigh mu £1.9bn.

Goireasan nan Eilean Siar

Chaidh iarraidh air muinntir nan Eilean Siar am beachd a chur ri co-chomhairle mu ghoireasan spòrs agus leabharlannan. Tha dragh anns a' choimhearsnachd mu mholadh dà amar-snàimh ann an Siabost agus ann an Lìonal ann an Leòdhas a dhùnadh. Tha a' cho-chomhairle, a th' air làrach-lìn Chomhairle nan Eilean Siar, fosgailte dhan 5mh là den ath-mhìos.