Naidheachdan 11:00m
Coinneamh èiginn nan aiseagan
Tha Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, am measg na bhios aig coinneimh ann an Dalabrog an-diugh mu thrioblaidean aiseig Uibhist a Deas. Tha luchd-gnothaich ann an Uibhist ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' fulang fad bhliadhnaichean de chall agus droch chliù ri linn fàiligeadh Riaghaltas na h-Alba goireasan còmhdhail ceart a chumail ris na h-eileanan. Dh'innis an Riaghaltas ron choinneimh gu bheil iad a' cur còrr 's £4m an dàrna taobh 'son taic do chompanaidhean ann an Uibhist a Deas.
Sudan
Thuirt ceannard Buidheann Fògarrach nan Dùthchannan Aonaichte gu bheil èiginn ann an Sudan far a bheil na milleanan air teicheadh bhon chogadh shìobhalta. Thuirt Filippo Grandi gun do chruthaich dà bhliadhna de chogadh an èiginn chòraichean daonna as miosa air an t-saoghal. Tha co-labhairt eadar-nàiseanta ann an Lunnainn an-diugh a' deasbad an t-suidheachaidh, dà bhliadhna dhan là bho thòisich an cogadh sìobhalta.
Aonta malairt
Thuirt Iar-Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, JD Vance, gu bheil deagh theansa ann gun gabh aonta malairt dèanamh leis an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Mgr Vance, a bha a' bruidhinn ris na meadhanan ann am Breatainn 'son a' chiad uair san dreuchd, gu bheil riaghaltas a' Chinn-suidhe Trump ag iarraidh aonta a bhiodh gu maith gach duthaich agus gu bheil taobh aig a' Cheann-suidhe ris an Rioghachd Aonaichte.
British Steel
Tha dùil ri connadh ann an Scunthorpe an-diugh a chumas a' dol an dà fhùirneis aig British Steel. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, a chuir an làrach fo shealbh na Stàite, gun cùm iad stuth ris an ionad. Thuirt am ministear 'son ghothachais agus malairt, Sarah Jones, an-diugh gu bheil airgead 'son taic do British Steel ann am plana fiosgail an Riaghaltais.
Fo-thaghadh
Bidh fo-thaghadh sgìre Hamaltain, Larkhall agus Stonehouse ann am Pàrlamaid na h-Alba ann Diardaoin an 5mh den Ògmhios. Tha sin an dèidh bàs Christina McKelvie bho chionn ghoirid. Ghlèidh ise an roinn dhan SNP ann an 2021 le mòr-chuid de bheagan a bharrachd air 4,500.
Pàigheadh
Sheall figearan oifigeil gun do dh'fhàs pàigheadh anns an Rìoghachd Aonaichte nas motha na an atmhorachd anns na trì mìosan dhan Ghearran. Bha tuarastal seachdain, anns a' chumantas, cha mhòr 6% nas motha na bha aig an aon àm an-uiridh. Agus tha ìre chion-cosnaidh na h-Alba aig 4.2% nas lugha na ìre na Rìoghachd Aonaichte air fad aig 4.4%.