Naidheachdan 11:00m
Dìon
Feumaidh gach duine anns an Rìoghachd Aonaichte pàirt a ghabhail ann an dìon na dùthcha a rèir a' Phrìomhaire Sir Keir Starmer. Thuirt e gum biodh sin na bhunait air ro-innleachd ùir an dìon a tha an Riaghaltas a' foillseachadh an-diugh. Am measg nam planaichean thèid £15bn a chosg ag ùrachadh armachd niuclasaich na Rìoghachd. Thèid cuideachd suas ri 12 bàt-aigeann ùr a thogail, agus grunn fhactaraidhean armachd.
Gàsa
Thuirt Sir Keir cuideachd gu bheil an suidheachadh ann an Gàsa a' dol nas miosa gach là, agus nach urrainnear gabhail ris càil nas fhaide. Thuirt e gu bheil Breatainn ag obair còmhla ri dùthchannan eile feuch ciamar a ghabhas cobhair fhaighinn a-steach chun an t-sluaigh Phailistinianaich gun dàil.
An Ucràin
Tha riochdairean na Ruis agus na h-Ucràin a' coinneachadh ann an Istanbul airson dàrna cuairt de chòmhraidhean sìthe - còmhraidhean dìreach eadar an dà thaobh. Chan eil ach an-dè bho thug an Ucràin ionnsaigh mhòr dhrònaichean air plèanaichean cogaidh aig diofar raointean-laighe anns an Ruis. Thuirt Riochdaire Speisealta nan Stàitean Aonaichte aig na còmhraidhean, Keith Kellog, gun cuireadh an dà thaobh pàipearan air adhart a' cur sìos na dh'iarradh iadsan airson sgur a shabaid.
Dùn Èideann
Chaidh fireannach, 20 bliadhna de dh'aois, a chur fo chasaid an lùib èigneachadh deugaire nighinn ann an Dùn Èideann Didòmhnaich a chaidh. Thugadh ionnsaigh air an nighinn, a tha 15, ann an àite-stòraidh air York Place ann am meadhan a' bhaile. Tha dùil ris an duine sa chùirt an-diugh fhathast.
Corp Boireannaich
Dhearbh na Poilis gun deach corp boireannaich fhaighinn ann an Leòdhas. Chaidh fios a chur gu teaghlach Alison NicDhòmhnaill à sgìre a' Bhac, a bh' air a bhith a dhìth bho mhadainn an-dè. Thuirt na Poilis nach eil coltas càil amharasach mun chùis.
Ionnsaigh
Tha poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh droch ionnsaigh ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Rathad Planefield, faisg air meadhan a' bhaile, mu 09:25m Disathairne. Tha fireannach, 31, anns an ospadal.
Stailc
Tha dràibhearan bhusaichean air stailc an-diugh ann an Siorrachd Àir, agus an Eilean Arainn. Tha luchd-obrach Stagecoach a tha nam buill den aonadh Unite a' sireadh àrdachadh pàighidh. Cha bhi uimhir de sheirbheisean ann, agus bidh cuid de shlighean air nach bi seirbheis idir.