"Cha robh baidhg agam sia bliadhna air ais!"

- Air fhoillseachadh
Tha fear-baidhseagail à Uibhist air a bhith ag innse gu bheil e air bhioran a' coimhead air adhart ri Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh nas fhaide air a' mhìos.
Gu dearbha, tha e iongantach gum bi Brian Mac a' Phì, a tha na shaor an Inbhir Nis, a' farpais ann an rothaireachd aig an ìre seo is gun ach beagan bhliadhnaichean bho chaidh e an sàs anns an spòrs.
Bha Brian a' dol a-mach air baidhseagail tron phandemic.
Chaidh e an uair sin gu cluba rothaireachd is cha b' fhada gus an deach moladh dha feuchainn ri faighinn a sgioba nan Eilean Siar airson Geamannan nan Eilean is e follaiseach gun robh tàlant aige.
"Bha mise ag ràdh - dè bhon t-saoghal a tha mise a' dol a dhèanamh a' dol gu Geamannan nan Eilean," thuirt Brian.
"An uair sin an dèidh beagan trèanaidh eile fhuair mi TT (Time Trial) baidhg.
"Thòisich mi air TTs an-uiridh agus bha deagh amannan agam agus rudan mar sin agus bha mi ag ràdh uill, ''just go for it"."

Tha Brian ag obair mar shaor
Bhon uair sin, tha Brian air cùrsa TT 25 mìle a dhèanamh nas luaithe na uair a thìde.
A thaobh trèanaidh, chuir e roimhe 10 uairean anns an t-seachdain a dhèanamh bhon Fhaoilleach.
Chan eil sin an-còmhnaidh furasta eadar làithean fada obrach agus teaghlach òg.
"Aig naoi uairean a dh'oidhche, tha mi dìreach a' cadal air an t-sòfa - ach tha e a' còrdadh rium ge-tà."
Chan fhada a-nise gus an tòisich Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh is cùisean a' faighinn gu dol air an 12mh dhen Iuchar.
Tha Brian ag ràdh gu bheil e deiseil is deònach.
"Tha mi air bhioran dìreach a' dol gu na geamannan.
"Chan eil mi cho math ri daoine eile, ach tha e a' dol a chòrdadh rium - na farpaisean eile a tha a' dol cuideachd - bidh e cho math sin fhaicinn ... cuirm fosglaidh agus a h-uile rud a tha sin.
"Tha a' bhean agus a' chlann a' tighinn a-null cuideachd is bidh sin cho math."
A thaobh amasan, tha Brian dìreach toilichte faighinn chun nan geamannan.
"Fhios agad, tha mi cho trang ag obair, tha ceathrar chloinne agam, àm airson trèanaidh agus a h-uile rud mar sin - mise a' dol chun nan geamannan, tha sin cho mòr 's a ghabhas dhomhsa."
Is tha comhairle aige do dhaoine eile.
"Cha robh baidhg agam sia bliadhna air ais.
"So thalla is faigh baidhg is thalla astar - ma nì thu trèanadh bidh thu math gu leòr!"

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An Gearran
- Air fhoillseachadh2 An Giblean