Cladh Thobha Mòr

Tha togalaichean ann an Cladh Thobha Mòr an Uibhist a Deas air leth eachdraidheil.

Am measg na tha ann tha teampall agus caibealan, le cuid dhiubh a' dol air ais chun an 9mh Linn.

Leis an sin, tha iomairt air tòiseachadh airson an glèidheadh ach chan eil cinnt ann aig an ìre-sa càite às an tig an taic airson sin.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.