Naidheachdan 11:00m
Am Pàrtaidh Làbarach
Thèid riaghailtean agus clàr-ama airson a bhith a' taghadh leas-cheannaird airson a' Phàrtaidh Làbaraich aontachadh an-diugh leis an Àrd-Chomataidh Nàiseanta. Dh'fhàg Angela Rayner an dreuchd Dihaoine a chaidh às dèidh dhi aideachadh nach do phàigh i gu leòr ann an Cìs Stampa airson flat a cheannaich i. Bha Ms Rayner gu mòr an sàs ann an cur air adhart chòraichean luchd-obrach. Tha dragh air cuid de bhuill-phàrlamaid agus aonaidhean nach tèid laghan gus na còraichean a neartachadh cho fada 's a bhiodh iad air a dhol 's i anns a' Chaibineat.
Cùmhnantaichean Dìon
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' stèidheachadh sgeama ionmhais ùir airson spionnadh a thoirt do chùmhnantaichean dìon, rud a tha iad ag ràdh a chuidicheas eaconomaidh na h-Alba. Thèid £250m a cosg anns a' ghnìomhachas mar phàirt den àrdachadh ann am buidseat an dìon. An t-seachdain a chaidh chaidh cùmhnant luach £10bn a dhearbhadh gus soithichean cogaidh a thogail ann an Glaschu do chabhlach Nirribhidh. Tha dùil cuideachd gun tèid cùmhnant eile leis an Danmhairg gu Ros Fhìobha.
Ierusalem
Chaidh co-dhiù còignear a mharbhadh ann an ionnsaigh ghunna ann an Ierusalem. Thuirt na Poilis gun deach an dithis ghunnairean a mharbhadh. Tha oifigearan tèarainteachd den bheachd gun tàinig na fir bhon Bhruach an Iar.
Obar Dheathain
Tha dùil ri fireannach anns a' chùirt an-diugh às dèidh iomairt an Obar Dheathain Disathairne. Thuirt Poileas Alba gun deach fireannach, 40 bliadhna de dh'aois, a thoirt an grèim agus gun deach casaid a chur às a leth gun robh e a' maoidheadh agus ri dol a-mach mì-ghnàthach. Chaidh an iomairt a chumail ann an Ceàrnag Marishall le daoine a bha a' cur an aghaidh inimrich. Bha iomairtean eile ann a' cur an aghaidh sin.
Sealann Nuadh
Chaidh athair a bh' air teicheadh le a thriùir chloinne ann an New Zealand bho chionn faisg air ceithir bliadhna a mharbhadh leis na Poilis. Chaidh Tim Phillips agus a chuid chloinne a dhìth ann an 2021. A dh'aindeoin iomairt nàiseanta agus grunn aithrisean gun deach am faicinn, thug e gu an-dè mus deach am faighinn. Chaidh a mharbhadh le oifigearan a bha a' freagairt gairm mu mhèirle armaichte. Chaidh oifigear poilis a ghoirteachadh gu dona. Fhuairear a' chlann slàn agus sàbhailte.