Maoineachadh 'son leasachadh na Gàidhig an Tiriodh

Fhuair Urras Thiriodh gealltanas maoineachaidh trì bliadhna bho Bhòrd na Gàidhlig a leigeas leotha oifigear leasachaidh Gàidhlig làn-ùine agus neach-taic pàirt-ùine fhastadh.

Tha iad gu mòr ag amas air pròiseactan a nì ceangal eadar daoine nas sine aig a bheil an cànan bho thùs agus feadhainn òga a tha ga h-ionnsachadh.

Fhuair Andreas Wolff facal air Rhoda Meek, ceannard conaltraidh agus na Gàidhlig aig Urras Thiriodh.