Amasan àrda aig sgioba ball-coise nam ban
'Buannaichibh ceithir geamaichean agus gheibh sinn am bonn òir.'
Sin an teachdaireachd bho choidse sgioba ball-coise nam ban aig na h-Eileanan an Iar air thoiseach air na farpaisean a tha a' tòiseachadh Disathairne.
Fhuair an sgioba bonn airgid bho chionn dà bhliadhna agus tha iad làn mhisneachd a' dèanamh air Arcaibh.
Tha tuilleadh aig Ailean MacLeòid.