Geamannan Gàidhlig gan cumail aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Chaidh Geamannan Gàidhlig a chumail aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson a' chiad uair thairis air an dà latha mu dheireadh. Bha sgoilearan anns a chiad agus an dàrna bliadhna bho ghrunn àrd-sgoiltean a farpais ann an iomadach spòrs tro mheadhan na Gàidhlig. Thathar an dòchas gun tachair seo gach bliadhna bho seo a-mach. Chaidh Calum MacIllinnein a thadhal orra.