Naidheachdan 11:00m

Cuibhreachadh Cumhachd

Tha àrdachadh 2% ga thoirt air cuibhreachadh nam prìsean cumhachd on Dàmhair. Tha sin a' ciallachadh gum bi cunntasan gas agus dealain do dhaoine an Alba, an Sasainn agus sa Chuimrigh - £35 nas daoire sa bhliadhna sa chumantas. Cha toir e buaidh orrasan a th' air aontaidhean stèidhichte ge-tà. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iadsan ag obair feuch dìon a chur air an fheadhainn as so-leònta air a' gheamhradh a tha seo.

Gàsa

Bidh an Ceann-Suidhe Trump os cionn coinneimh ann an Washington an-diugh fhathast mu na thachras do Ghàsa an dèidh a' chogaidh. Thuirt tosgaire sònraichte nan Stàitean Aonaichte, Steve Witkoff, gun tèid a cumail anns an Taigh Gheal, ach cha deach sgath a ràdh mu cò a bhios an sàs innte.

An Ucràin

Thuirt ministear cumhachd na h-Ucràin gun tug an Ruis ionnsaigh air bun-structar cumhachd sìobhalta na dùthcha tron oidhche an-raoir. Chaidh a ràdh gun deach ionnsaigh a thoirt air stèiseanan gas is dealain le drònaichean. Thuirt Mosgo gun robh an Ucràin air ionnsaighean dròna a thoirt air an Ruis tron oidhche an-raoir cuideachd. Chan eil aithrisean ann gun deach duine sam bith a ghoirteachadh ge-tà.

Gàrradh MhicFhearghais

Tha Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh fhathast a' feitheamh airson a' chuid as motha den airgead a gheall Riaghaltas na h-Alba dhaibh bho chionn còrr air bliadhna. Bha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, air £14.2m a ghealltainn don ghàrradh a tha fo shealbh na Stàite as t-Samhradh an-uiridh. Thuirt an Riaghaltas Albannach gu bheil iad fhathast am barail an t-airgead uile a thoirt seachad.

RAAC

Tha Rùnaire Taigheadais na h-Alba, Màiri NicAilein, air innse gun tèid buidheann ùr a chur air bhog feuch cuideachadh a thoirt do chomhairlean le bhith a' dèiligeadh ri trioblaidean leis a' choncrait RAAC anns na taighean anns na coimhearsnachdan aca. Bidh ceannardan nan ùghdarrasan ionadail agus uachdarain shòisealta an sàs innte agus tha iad gu bhith ag obair cuide ri buidhnean o roinn an ionmhais agus roinn an einnsinniridh.

Tubaist

Dh'eug fear motar-baidhseagail cola-deug às dèidh dha a bhith an sàs ann an tubaist-rathaid air an A9. Bha Lorne Mac a' Mhaoilein, a bha 63 's a bhuineadh do dh'Àrasaig an Loch Abar, air a thoirt do dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain as dèidh na tubaiste tuath air Latharna an Gallaibh air an 10mh là den Lùnastal. Dh'eug e anns an ospadal oidhche Luain.