Ealain ùr air dàimh eadar na speuran agus Tursachan Chalanais

Tha dithis luchd-ealain a th' air a bhith air mhuinntireas aig Tursachan Chalanais air tachartas shònraichte a chumail gus an obair-ealain aca a thaisbeanadh.

Tha Freya Pellie na cleasaiche siorcais agus 's e neach-dhealbh a th' ann an Jonathan Doyle agus ùidh shònraichte aige sna reultan.

Rinn Freya agus Jonathan a' chùis a-mach às na 112 tagraidhean a chuir a-steach airson a' chiad phrògraim chruthachail aig Urras nan Tursachan.