Naidheachdan 11:00m
Liverpool
Tha fear, 53, an-dràsta a' nochdadh aig Cùirt nam Maighstearan an Liverpool fo chasaid gur e a bh' air càr a dhraibheadh am measg sluaigh sa bhaile Diluain. Tha seachd casaidean mu choinneamh Paul Doyle a bha roimhe sna Saighdearan-mara Rìoghail agus a tha a-niste na fhear-gnothachais le triùir chloinne. Chaidh cha mhòr 80 duine a ghoirteachadh san tachartas a bh' ann aig toiseach na seachdain.
Gàsa
Tha Hamas ag ràdh gu bheil iad fhathast a' dèanamh sgrùdaidh air molaidhean nan Stàitean Aonaichte 'son fosadh sa chogadh an Gàsa. Sin a dh'aindeoin 's gu bheil iad air a ràdh nach eil iad a' tighinn a rèir iarrtasan na buidhne. Tha an Taigh Geal ag ràdh gu bheil Israel air gabhail ris na molaidhean a tha seo cheanna.
An Ruis
Tha sgrùdadh a rinn am BBC air a thoirt am follais gun d' fhuair an Ruis còrr air £18bn le bhith a' cur connaidhean fosail chun Aonaidh Eòrpaich. Tha na fiogairean a' sealltainn gu bheil dùthchanan an iar air barrachd a thoirt don Ruis 'son ola is gas na tha iad air toirt seachad don Ucrain ann an cobhair.
Bhapaichean
Bidh e an aghaidh an lagha do ghnothachasan anns an Rìoghachd Aonaichte a bhith a' reic bhapaichean nach eil air an cleachdadh ach an aona thuras bho Dhidòmhnaich. Tha an casg ga chur an sàs ann an oidhirp dèiligeadh ris a' bhuaidh a tha iad a' toirt air an àrainneachd, 's feuch lùghdachadh a thoirt air an àireamh chloinne is dhaoine òga a tha ri bhapadh.
Tancair
Tha sgiobair an t-soithich charago a bhual ann an tancair ola sa Chuan a Tuath air a dhol as àicheadh chasaid de mharbhadh le coire tro fhìor mhì-ghiùlain. Thachair an tubaist air an 10mh là den Mhàirt. Nochd Vladimir Motin, a tha 59 agus a bhoinneas do St Petersburg sa Ruis, aig Cùirt an Old Bailey madainn an-diugh.
Russell Brand
Tha an craoladair agus an cleasaiche Russell Brand air nochdadh sa chùirt agus esan air a dhol as àicheadh chasaidean èigneachaidh is ionnsaigh fheiseil. Tha còig chasaidean na aghaidh an co-cheangal ri ceathrar bhoireannach eadar 1999 agus 2005.
Drugaichean
Chaidh fear, 26 bliadhna a chur an grèim 's e fo chasaid an co-cheangal ri mar a chaidh drugaichean luach £68,000 a lorg an Glaschu. Fhuair na poilis lorg air canaib aig togalach air Sràid Norfolk aig mu chairteal as dèidh còig feasgar an-dè. Thuirt iad gu bheil an cuid rannsachaidh a leantainn agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.