10 ann an sreath do Bhaile Ùr an t-Slèibh
Tha Baile Ùr an t-Slèibh a-nis dìreach puing air cùl Chinn a' Ghiùthsaich sa bhuidhinn de sgiobaidhean aig mullach na Prìomh Lìg.
Sin às dèidh a' chùis a dhèanamh 3-0 air Ceann Loch Seile Disathairne.
Tha Ceann a' Ghiùthsaich is an Gearasdan aig a' mhullach air 18 puingean is am Baile Ùr is Camanachd an Òbain dìreach puing air an cùl.
Tha am Baile Ùr a-nise air deich geamaichean a bhuannachadh ann an sreath.
Ann an Cupa a' Bhaile Mhòir tha Inbhir Aora is Loch Abar troimhe dhan chuairt dheireannaich.
Tha Calum MacIllinnein ag aithris.