Plana 'son taighean air prìs reusanta faisg air Fisnis

Tha Urras Coimhearsnachd Mhuile & Eilean Ì a' coimhead ri taighean aig prìs reusanta a thogail faisg air Fisnis san eilean.

Cuidichidh a' phròiseact seo gus dèiligeadh ris a' ghainnead mhòr de thaighean aig prìs reusanta a tha san sgìre.

Tha an làrach air am bheil iad a' coimhead ri taobh a' phrìomh rathaid eadar Tobar Mhoire agus Creag an Iubhair agus faisg air a' phort aiseig gu tìr-mòr tro Loch Àlainn.

Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.