Sgoil Bhàgh a' Chaisteil na "cùis èiginn"

Thuirt fear de choimhirlichean Bharraigh gu bheil staid Sgoil Bhàgh a' Chaisteil cunnartach.

Tha Coinneach MacIllEathain agus BPA na sgìre, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil suidheachadh èiginn ann le staid an togalaich.

Tha BBC Naidheachdan air dealbhan a thogail de chloimh-liath agus dampachd am broinn na sgoile.

Tha àrd-oifigear Chomhairle nan Eilean Siar a' dol as àicheadh gu bheil cunnart ann do sgoilearan is luchd-obrach ach tha e ag iarraidh sgoil ùr 'ann an cabhaig'.

Tha Alasdair MacIllinnein ag aithris.