Buidseat Comhairle nan Eilean Siar
Feumaidh àrdachadh nas motha na'n àtmhorachd air cìs na comhairle a bhith san amharc aig Comhairle nan Eilean Siar. Sin a rèir àrd-oifigeir an ùghdarrais, Malcolm Burr.
Tha a' chomhairle, mar a tha a h-uile tè eile an Alba, a' coimhead ris a' bhuidseat aice son na h-ath bhliadhn' ionmhais.
Tha a h-uile coltas ann gun dèan iad gearraidhean cuideachd, is bèarn de £4m aca ri lìonadh.
Le tuilleadh, seo Ailig John Moireasdan.