Naidheachdan 11:00m

Ioran

Tha Israel ag ràdh gur ann airson stad a chur air prògram agus armachd niùclasach Iorain a thug iad ionnsaigh mhòr air làraichean air feadh na dùthcha tron oidhche. Tha Ceannard Iorain, Ayatollah Ali Khamenei, ag ràdh gum fulaing Israel airson na rinn iad. Dh'innis Israel an-diugh gun tug Ioran còrr 's 100 ionnsaigh dròn orra tron oidhche ach gun do chuir na siostaman dìon stad orra sin.

Tubaist plèana

Thadhail Prìomh Mhinistear nan Ìnnseachan, Narendra Modi, air làrach na tubaist-adhair ann an Ahmedabad an-dè. Cha do dh'ainmich oifigich fhathast cò uile a chaill am beatha. Bha 242 duine air bòrd plèana Air India, ach cha tàinig beò às ach aon duine, Breatannach à Leicester.

Èirinn a Tuath

Bha an ceathramh oidhche de dh'aimhreit ann an Èirinn a Tuath. Chaidh clachan agus cnapan concreit a thilgeil air poilis agus chaidh rathaidean a dhùnadh ann am Port an Dùin ann an Cunntae Ard Mhacha ach cha robh an fhòirneart cho dona 's a bha aig toiseach na seachdain.

Co-labhairt Thòraidhean na h-Alba

Fàgaidh ceannnard nan Tòraidhean, Kemi Badenoch, air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-diugh gu bheil iad a' marbhadh gnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath. Bidh Ms Badenoch a' bruidhinn aig co-labhairt Thòraidhean na h-Alba a tha a' tòiseachadh ann an Dùn Èideann.

Stailc dràibhearan Stagecoach

Tha buill aonaidh agus luchd-poileataigs na sgìre a' togail fianais aig stèisean bus Chile Mheàrnaig an dèidh do dhràibhearan Stagecoach air feadh Shiorrachd Àir a dhol air stailc fad sia seachdainean. Chan eil sgeul air fuasgladh fhathast ann an còmhraichean mu àrdachadh pàighidh.

Tubaist-rathaid ann an Leòdhas

Tha rathad ann an sgìre Ùige ann an Leòdhas fhathast dùinte, eadar ceann-rathaid Riof agus Tràigh na Beirghe, an dèidh tubaist a-raoir. Cha do dh'innis na poilis ach gun do thachair an tubaist mu 9:45 a-raoir agus dh'iarr iad air daoine an sgìre a sheachnadh.

Suidheachadh èiginneach

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gu bheil an suidheachadh èiginneach a bha aca an-dè co-cheangailte ris na siostaman IT aca seachad. Tha am bòrd slàinte ag ràdh nach e ionnsaigh shaidhbheir a bh' ann agus nach deach fios sam bith mu euslaintich a ghoid. Thuirt iad cuideachd gu bheil cùram euslainteach a' dol air adhart a-rithist mar bu chòir air feadh nan ospadalan agus seirbheisean eile.