Talla eachdraidheil ann am Baile Mac Ara gu bhith ga ghlèidheadh
Tha seann Talla a' Mhuilinn ann am Baile Mac Ara air taobh siar Rois gu bhith air ath-nuadhachadh às dèidh dhan choimhearsnachd còrr is £1m a thrusadh airson a' phròiseict.
Tha iad cuideachd air sealbh fhaighinn an t-seachdain-sa fhèin air seann làrach campachaidh a bha aig Fearann Coilltearachd na h-Alba.
Thèid sin a leasachadh mar àite airson tachartasan is eile do mhuinntir a' bhaile.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.