Naidheachdan 11:00m

An Atmhorachd

Tha prìsean cumhachd nas àirde air toirt air ìre na h-atmhorachd èirigh chun na h-ìre as àirde ann an sia mìosan. Thàinig àrdachadh oirre gu 2.3% anns a' bhliadhna chun na Dàmhair. Sin an taca ri 1.7% air a' mhìos roimhe sin. Tha dragh ann cuideachd gun tig an tuilleadh àrdachaidh air prìsean t-sàilleibh a' bhuidseit a chaidh fhoillseachadh leis an t-Seansalair air a' mhìos seo chaidh.

An Ucrain

Tha an Ruis a' fàgail air a' Cheann-Suidhe Biden gu bheil e a' dèanamh na 's urrainn dha gus am mair an cogadh anns an Ucràin nas fhaide. Tha na Stàitean Aonaichte air innse gu bheil iad an dùil mèinnichean talmhainn a chur a Khyiv. Thuirt Washington gun d' fhuair iad dearbhadh on Ucràin nach rachadh an cleachdadh ann an àitichean far a bheil sluagh.

Poileas Alba

Tha rannsachadh air tòiseachdainn air mar a tha Poileas Alba a' cleachdadh ainneart an aghaidh chloinne. Tha figearan ùra a' sealltainn gun robh 1,115 cùis ann far an deach a chleachdadh air chloinn eadar 2023 agus 2024. Thathas cuideachd a' sealltainn gu bheil e a dhà uimhir nas dualtaiche gun rachadh a leithid a chleachdadh air chloinn an taca ri inbhich. Tha Poileas Alba a' cur fàilte air an rannsachadh le Coimiseanair na Cloinne agus Dhaoine Òga.

Prìosanaich

Tha dùil ri bhòt ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air am bu chòir cabhag a chur air planaichean gus cuid de phrìosanaich a shaoradh nas tràithe. Tha ministearan an Riaghaltais airson 's gun rachadh cumhachd èiginneach a chleachdadh gus a' Bhile a chur troimhe taobh a-staigh beagan sheachdainnean agus cus phrìosanach an-dràsta sna prìosain. Ma thèid gabhail rithe bhiodh prìosanaich le binn nas lugha na ceithir bliadhna airidh air an saoradh às dèidh dhaibh 40% den bhinn aca a chur seachad.

Deugaire a Dhìth

Tha iomairt a' leantainn ann an Steòrnabhagh an-diugh feuch lorg fhaighinn air deugaire a th' air a dhol a dhìth. Chunnacas Alexandr Benga mu dheireadh anns a' Ghearraidh Chruaidh aig mu 08:45m Diluain. Thuirt na Poilis gu bheil dragh mòr orra mun deugaire, gu seachd-àraid le cho fuar agus a tha i an-dràsta.