Cìs chomhairle air dàrna dachannan suas 400%?

Nochd beachd gum bu chòir a chìs chomhairle air dàrna dachannan a chur suas ceithir uidhear an coimeas ri na h-ìrean àbhaisteach.

Thàinig seo bho chathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Ailsa Raeburn.

Thuirt i gu bheil coimhearsnachdan airson daoine a thàladh chun na sgìrean aca agus a chumail unnta agus gu bheil gainnead thaighean aig prìs reusanta na chnap-starra.

Tha Eilidh NicÌomhair ag aithris.