NC500: "Tha na rathaidean air fàs fada fada nas trainge"
Le seusan na tùrasachd a' ruighinn àirde, tha ceistean ann às ùr a bheil bun-structar an NC500 freagarrach airson na th' ann de luchd-turais a tha a' gabhail na slighe.
Tha Gòrdan Camshron a' fuireach air a' Chomraich.
Tha esan ag ràdh gu bheil cho trang 's a tha na rathaidean is an droch staid anns a bheil iad a' fàgail chùisean duilich do mhuinntir an àite.