Naidheachdan 11.00m
Cumhachd
Thuirt ministear a' chumhachd aig Westminster, Ed Miliband, gum biodh e na adhbhar iomagain dha mòran theaghlaichean gu bheil prìs a' chumhachd an impis a bhith ag èirigh sa Ghiblean. Tha riaghladair a' chumhachd, Ofgem, gu bhith a' ceadachadh dha companaidhean na prìsean gas agus dealain aca a chur suas 6.4%, barrachd na bha eòlaichean an dùil. A rèir Mhgr Mhiliband, tha seo air adhbhrachadh gu ìre leis gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a' crochdadh cus fhathast air connadh fosail airson dealain. Tha e na amas aig an Riaghaltas gluasad gu mòr gu cumhachd ath-nuadhachail.
Ucràin
Tha an t-Aonadh Eòrpach air molaidhean a chur ri chèile airson aonta a dhèanamh leis an Ucràin, airson a dhol còmhla riutha a thaobh a bhith a' cur feum air an stòras mhinearalan aca. Tha an Ceann-suidhe Trump air a bhith a' cur ìmpidh air an Ucràin gabhail ri aonta leis na Stàitean Aonaichte - ged a bha an Ucràin ag ràdh gun robhas ag iarraidh cus orra airson taic le dìon na dùthcha. Tha an EU ag ràdh gum biodh an t-aonta acasan gu buannachd an Aonaidh Eòrpaich agus na h-Ucràin còmhla.
Buidseat na h-Alba
Tha dùil gun tèid gabhail ri buidseat Riaghaltas na h-Alba sa Phàrlamaid Albannaich feasgar. Tha taic gu leòr aig an SNP bho na Lib Deamaich, am Pàrtaidh Uaine agus Pàrtaidh Alba co-dhiù, ach tha am Prìomh Mhinistear cuideachd a' cur ìmpidh air a' Phàrtaidh Làbarach gabhail ris. Tha iadsan air innse roimhe nach bhòt iad taobh seach taobh - ach tha na Tòraidhean am beachd cur na aghaidh.
Buidseat CNES
Agus bidh Comhairle nan Eilean Siar a' stèidheachadh a' bhudiseit acasan an-diugh fhathast airson na h-ath-bhliadhna ionmhais. Tha gearradh de mu £1m air fàire, le moladh àrdachadh 8% a dhèanamh air cìs na comhairle. Tha moladh eile ann ge-tà, a cur an àirde 7.5%.
Gàrradh Àranais
Tha a' chompanaidh Navantia air innse gu bheil iad air cùmhnant ùr fhaighinn airson Gàrradh-togail Àranais ann an Leòdhas airson obair a dhèanamh dha companaidh ann an Trinidad and Tobago. Tha McDermott Trinidad air aonta a dhèanamh le Navantia airson uidheamachd a thèid a chur air grunnd na mara airson pròiseact ann an Trinidad and Tobago. Tha Navantia ag ràdh gum bi seo a' cumail taic ris na planaichean acasan a bhith a' leudachadh na h-àireimh luchd-obrach a th' aca aig Àranais.
NHS Ghlaschu is Chluaidh
Tha am bòrd slàinte as motha ann an Alba ag ràdh gu bheil bacaidhean laghail a' cur maill air mu thrìan de dh'euslaintich bho bhith a' fàgail an ospadail nuair a tha iad deiseil airson falbh. A rèir NHS Ghlaschu is Chluaidh tha e gu math tric na bhacadh orra nach bi euslaintich le ùghdarras neach-ionaid aca an sàs - cead laghail dha cuideigin eile a bhith a' gabhail nan gnothaichean aca os làimh mura bi iad air chomas iad fhèin.