"Tha tòrr atharrachadh air tighinn air an fhèill againn."
Chaidh Fèill Àiteachais an Taobh Siar a chumail an-diugh airson an dà fhicheadamh triop agus abair gun robh là math eile aca am-bliadhna. Le iomadach co-fharpais do chrodh is caoraich, tachartasan gu leòr airson teaghlaichean, dannsa Gàidhealach, bèicearachd agus ceòl gu leòr, bha là sònraichte aig a' choimhearsnachd agus iad a' tighinn cruinn còmhla bliadhn' eile.
Fhuair sinn facal le cuid den fheadhainn a bha an làthair gus beachd fhaighinn air mar a bha an là a' còrdadh riutha.