Buinn eile dha na peathraichean Nic a' Phì
Bha oidhche iongantach eile dha spòrs anns na h-Eileanan an Iar Diciadain, aig Na Geamaichean Eileanach ann an Jersey.
Seo a-nis na geamaichean as soirbheachail riamh dha sgioba nan Eilean Siar.
Cha robh da bhonn òir is bonn airgid gu leòr dha na peathraichean Nic A' Phi, às Uibhist.
Choisinn Kerry agus Kirsty Nic A' Phi bonn òir agus bonn airgid eile air na baighsaagalan.
Tha an sgeulachd aig Ailean MacLeòid.