"Riaraichte gu dearbha" mu chùmhnant nan aiseagan

Thuirt Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach, gu robh e riaraichte dha-rìreamh gun deach cùmhnant seirbheisean aiseig a' Chost an Iar agus Chluaidh a thoirt do dh'Aiseagan ChalMac Earranta, seach na companaidh phrìobhaidich Serco.

Thuirt Mgr Moireach air Radio nan Gaidheal gun tèid aca air bruidhinn ri CalMac mu na draghan a th'orra agus chuir e fàilte air moladh na companaidh stiùiriche coimhearsnachd fhastadh.

A rèir Mhgr Mhoirich, a tha air a bhith a' gearain mu sheirbheis Mhallaig agus Armadail, tha obair fhathast a dhìth airson na seirbheis sin a thoirt gu ìre.