Ceist mu thaighean air an Tairbeart
Tha Cathraiche Comhairle Choimhearsneachd Cheann a Tuath na Hearadh a' sireadh fhreagairtean mu cuin agus ciamar a thèid taighean ùra air an Tairbeart a chrìochnachadh.
Dhearbh Caidreachas Taigheadas Innse Gall, HHP an-dè nach biodh a' chompanaidh togail a fhuair an cùmhnant a' tilleadh.
Bha còir aca ochd taigh a thogail air làrach seann stèisean nam poileas air an Tairbeart. Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.